• English
  • Gàidhlig

Bun Sgoil Dhun Bheagain

Bun Sgoil Dhun Bheagain

  • Dachaigh
  • Sgoil
    • Sgoil Àraich
    • Bun-sgoil
    • Luchd-obrach
    • Gailearaidh
  • Pàrantan
  • Cur-seachadan
  • Naidheachdan
    • Litrichean Naidheachd
  • Sgoilear
    • Euchdan
  • Ionadail
Tha thu an seo: Dachaigh / Comhairle nam Pàrant

Comhairle nam Pàrant

Tha Comhairle nam Pàrant gu math gnìomhach is a’ toirt taic dhan sgoil ann an iomadh dòigh. Tha i a’ tabhann ceangal cudromach eadar pàrantan is an sgoil. Tha aon bhall bhon luchd-obrach air a’ Chomhairle agus grunn bhuill de phàrantan. Tha sinn a’ brosnachadh nam pàrantan uile pàirt gnìomhach a ghabhail ann a bhith a’ toirt taic dha obair Comhairle nam Pàrant is na sgoile.

Na tha sinn a’ dèanamh

Tha Comhairle nam Pàrant an-dràsta ag obair air lìbhrigeadh plana 3 bliadhna a tha ag amas air Sgoil Dhùn Bheagain a chuideachadh le eòlas air leth a lìbhrigeadh dha na h-uile a tha an sàs anns an sgoil agus sa choimhearsnachd leudaichte. Bidh sinn a’ coinneachadh an-dràsta gach mìos air feasgaran Dimàirt. ‘S e aon de na prìomhachasan a th’againn an-dràsta togalach ùr sgoile fhaighinn dhan roinn. Tha sinn a’ creidsinn gu mòr gur e an riatanas as lugha a th’ ann an seo gus ìre iomchaidh foghlaim a lìbhrigeadh dhar cuid chloinne ach cuiridh e gu mòr cuideachd ri fàs seasmhach ann an Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.

Buill Phàrant

Elgar Finlay (Neach-cathrach)
Leona Coull (Iar Neach-cathrach)
Mali MacCoinnich (Ionmhasair)
Lucy Salter (Rùnaire)
Amanda NicLeòid
Catriona NicMhathainn
Ball den luchd-obrach – Mòrag NicGriogair

Tha Comhairle nam Pàrant ag amas air na leanas:
  • Obrachadh ann an com-pàirteachas leis an sgoil gus sgoil fhàilteachail a chruthachadh, a tha in-ghabhalach dha na pàrantan uile.
  • Com-pàirteachas àrdachadh eadar an sgoil, a sgoilearan agus na pàrantan uile.
  • Leasachadh is gnìomhachadh a dhèanamh ann an cur-seachadan a tha a’ cur taic ri foghlam is sochairean nan sgoilear.
  • Beachdan phàrant a chomharrachadh is a riochdachadh mun fhoghlam a tha an sgoil a’ tabhann agus mu chùisean eile a tha a’ toirt buaidh air foghlam is sochair nan sgoilear.
  • Maoineachadh a thogail, tabhartasan iarraidh is fhaighinn agus tiodhlacan, airson feum na sgoile, a ghabhail.

Liostaichte gu h-ìosal tha grunn sgrìobhainnean a tha a’ comharrachadh obair Comhairle nam Pàrant agus nam pròiseactan sa bheil iad an sàs aig an àm seo.

  • Bonn-stèidh Comhairle nam Pàrant
  • Geàrr-chunntas Choinneamhan
  • Plana Comhairle nam Pàrant

Euchdan

Euchdan – Am Faoilleach 2018

Litrichean Naidheachd

Cur-seachadan

Bun-sgoil Dhùn Bheagain

Dùn Bheagan
An t-Eilean Sgitheanach
IV55 8GU

Fios

F: 01470 521307
dunvegan.primary@highland.gov.uk

Uairean oifis

Diluain – Diardaoin: 9.15m – 3.15f
Dihaoine: 9.15m – 11.45m

Rannsaich

Dunvegan Community Trust

  • Cuiribh fios thugainn
  • Luchdaidhean a-nuas
  • Poileasaidh Chriomagan
  • Poileasaidh Prìobhaideachd

Copyright © 2023 · Dunvegan Primary School | Bun Sgoil Dhun Bheagain