• English
  • Gàidhlig

Bun Sgoil Dhun Bheagain

Bun Sgoil Dhun Bheagain

  • Dachaigh
  • Sgoil
    • Sgoil Àraich
    • Bun-sgoil
    • Luchd-obrach
    • Gailearaidh
  • Pàrantan
  • Cur-seachadan
  • Naidheachdan
    • Litrichean Naidheachd
  • Sgoilear
    • Euchdan
  • Ionadail
Tha thu an seo: Dachaigh / Poileasaidh Prìobhaideachd

Poileasaidh Prìobhaideachd

Tha dleastanas air Bun-sgoil Dhùn Bheagain (DPS) gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cleachdadh nan inbhean cleachdaidh as fheàrr nan cur-seachadan air fad. Faodaidh luchd-tadhail làrach-lìn DPS a bhith cinnteach gu bheilear a’ toirt a’ phrìomhachais as àirde dha dìon prìobhaideachd is dìomhaireachd.  Tha fiosrachadh pearsanta ga chruinneachadh, ga chumail is ga chleachdadh gu teann a rèir Achd Dìon Dàta 1998.

Riatanas airson soidhneadh gus faighinn gu fiosrachadh tèarainte

Tha fiosrachadh mu thachartasan is litir-naidheachd air cuid de dhuilleagan làrach-lìn DPS, air an cumail gu tèarainte is air an toirt dha luchd-cleachdaidh ùghdarraichte a-mhàin. Thèid iarraidh ort d’ fhiosrachadh pearsanta a thoirt seachad tro cheangal na duilleig thachartasan, is tro dhuilleagan soidhnidh na litreach, agus thèid d’ iarrtas a chur gun Cheannard airson cead fhaighinn.  Sa chumantas tha an cleachdadh seo air a chuingealachadh gu pàrantan aig a bheil clann aig an àm seo a’ frithealadh DPS. Tha e an urra ris a’ Cheannard cead a thoirt seachad no a dhiùltadh agus tha an co-dhùnadh sin deireannach.

Fiosrachadh air a Chruinneachadh

Cha bhi DPS a’ tional fiosrachadh pearsanta bho luchd-tadhail na làraich-lìn ach a-mhàin fiosrachadh a thathas a’ toirt seachad gu mothachail is gu saor-thoileach. Bithear a’ cruinneachadh fiosrachadh gun urra, leithid àireamh luchd-tadhail gun làraich-lìn aig àm sònraichte, ach tha seo a-mhàin àireamhail is cha ghabh a chleachdadh gus neach fa leth a chomharrachadh.  Cha bhithear a’ cleachdadh chriomagan gus fiosrachadh sam bith eile a thional bho luchd-tadhail gun làraich-lìn.

Ceistean gu Bun-sgoil Dhùn Bheagain

Faodaidh luchd-tadhail gu DPS fiosrachadh greimeachaidh fhàgail air an duilleig, Contact Us, foirm tagraidh ùghdarrais air duilleag nan tachartasan no air foirm soidhnidh na h-eag-litreach naidheachd. Chan urrainnear fios a chur gu luchd-tadhail mura tèid fiosrachadh leithid sin fhàgail.

Tha cuireadh cuideachd ga thoirt dha luchd-tadhail fiosrachadh a bharrachd a thoirt seachad ma thogras iad.

A’ Cleachdadh an Fhiosrachaidh

Thèid am fiosrachadh a chaidh a thional a chleachdadh gus fiosrachadh a bharrachd a chur thugaibh mu chur-seachadan gnàthaichte DPS no airson litrichean-naidheachd, le fiosrachadh mun sgoil, a chur a-mach.  Faodar a chleachdadh airson adhbharan measaidh. Faodaidh sibh ur taic a thoirt air falbh aig àm sam bith no innse dha DPS mur eil sibh airson fiosrachadh den t-seòrsa sin fhaighinn.

Teist Treas Phàrtaidh

Cha toir sin GU BRÀTH fiosrachadh pearsanta gu treas phàrtaidh sam bith às aonais ur cead ro làimh ach a-mhàin ma bhios sin riatanach airson adhbharan laghail.

Tèarainteachd Dàta

Tha DPS a’ cleachdadh modhan iomchaidh gus am fiosrachadh a th’ aca a dhìon bho ruigsinneachd neo-ùghdarraichte no cleachdadh mì-iomchaidh. Tha ar stòr-dàta air a stòradh ann an àite tèarainte fo facal-faire. ‘S e a-mhàin luchd-cleachdaidh ùghdarraichte le DPS a gheibh cothrom air an dàta seo.

Iomlanachd Dàta

Tha DPS a’ cleachdadh modhan iomchaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh a th’ aca ceart. Gu sònraichte, bidh iad a’ cleachdadh dòighean tionail earbsach agus bidh iad a’ cur às dha seann dhàta no ga thionndadh gu cruth gun urra; fiosrachadh mu luchd-tadhail nuair bheir iad an taic air falbh agus pàrantan aig nach eil clann tuilleadh ann an DPS. Faodaidh daoine fa leth fiosrachadh pearsanta a th’ aig DPS mun deidhinn iarraidh gus cur às dha dàta mearachdach no ceàrr, am fiosrachadh a dhearbhadh agus a cheartachadh mar a tha iomchaidh.

Clann

Cha chruinnich làrach-lìn DPS fiosrachadh bho chloinn fo aois ceithir deug gun cead am pàrantan.

Gnìomhachadh

Bu chòir ceistean sam bith co-cheangailte ri tional DPS no cleachdadh fiosrachadh pearsanta a chur gun Cheannard mar a tha mìnichte air an duilleig, Contact Us.

Euchdan

Euchdan – Am Faoilleach 2018

Litrichean Naidheachd

Cur-seachadan

Bun-sgoil Dhùn Bheagain

Dùn Bheagan
An t-Eilean Sgitheanach
IV55 8GU

Fios

F: 01470 521307
dunvegan.primary@highland.gov.uk

Uairean oifis

Diluain – Diardaoin: 9.15m – 3.15f
Dihaoine: 9.15m – 11.45m

Rannsaich

Dunvegan Community Trust

  • Cuiribh fios thugainn
  • Luchdaidhean a-nuas
  • Poileasaidh Chriomagan
  • Poileasaidh Prìobhaideachd

Copyright © 2023 · Dunvegan Primary School | Bun Sgoil Dhun Bheagain