Fàilte gu Bun-sgoil Dhùn Bheagain
Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh a bhith còmhla rinn is gun dèan sibh tòrr de charaidean ùra. ‘S e ìre gu math cudromach a tha seo ann an leasachadh ur pàiste. Thathas a-nise a’ gabhail ris gu bheil clann ag ionnsachadh nas luaithe sa chiad seachd bliadhna dem beatha na aig àm sam bith eile. Air an adhbhar sin tha e air leth cudromach gun tèid gach cothrom a thoirt dhan chloinn an comasachd a choileanadh. Tha ur dreuchd mar phàrant gu math cudromach is bu mhath leinn a bhith a’ faireachdainn gu bheil sinn nar com-pàirtichean leibh, a’ roinn na h-ìre chudromaich seo de leasachadh ur pàiste còmhla. Tha sinn an dòchas ar pàirt a ghabhail le bhith a’ meas ur pàiste sònraichte agus a’ tabhann caochladh thachartasan is chur-seachadan a tha dealbhaichte airson modh leasachaidh ur pàiste adhartachadh. Tha Bun-sgoil Dhùn Bheagain ag àrdachadh cothroman co-ionann dha na h-uile a dh’aindeoin dath craicinn, cinneadh, creideamh no gnè.
Gheibhear fiosrachadh mu sgrìobhainnean fiosrachaidh na sgoile, poileasaidhean, foirmean tagraidh is modhan ar duilleagan Sgoil Àraich agus Bun-sgoil. Gheibhear fiosrachadh mu luchd-obrach ar Sgoil Àraich agus Bun-sgoil air Duilleag an Luchd-obrach.
Cuiribh fios thugainn ma tha ceistean sam bith agaibh mu foghlam ur pàiste.